ページの画像
PDF
ePub

An uair a ràinig e an dorus fhuair e air a chrannadh gu teann e. Ghrad bhuail e an dorus gu cruaidh, agus ghlaodh e riutha a ghrad leigeadh a steach. Bha 'bhean 'na cadal gu trom anns an leabaidh 'san àm, ach an uair a dhùisg am bualadh 's a' ghlaodhaich i, ghrad dh'éirich i a dh' fhosgladh an doruis. 'n do dh' fhosgail i e, thuirt i, 'Co sid?"

Mu

Tha mise," ars' esan, fosgail thusa an dorus. Tha mi seachd sgìth a' giùlan an eallaich so o thàinig an oidhche." "Feumaidh mi fios fhaotainn cò th' ann mu 'm fosgail mi 'a dorus," ars' ise.

[ocr errors]

Gu sealladh ni math ort," ars' esan, "am bheil thu idir 'gam aithneachadh ? Nach 'eil fhios agad gu'n dubhairt mi riut an uair a dh' fhalbh mi anamoch an raoir, gu'n tillinn cho luath 's a gheibhinn mo ghnothach? Tha mi air mo shàrachadh fo 'n eallach so 's e air mo dhruim o'n a dh' fhalbh mi as a' Ghleann Mhòr mu mheadhain oidhche."

Cha 'n fhosgail mise an dorus gus am bi fhios agam co tha 'g iarraidh a steach," ars' ise, is i air chrith leis an eagal.

[ocr errors]
[ocr errors]

An ann as do chiall a tha thu?" ars' esan, cha 'n fhaod e bhith gu'n do dhichuimhnich thu mi. Is mise d' fhear-pòsda. Greas air an dorus fhosgladh."

[ocr errors]

"M' fhear-pòsda!" ars' ise 's i 'freagairt. Tha latha 's bliadhna o'n a dh' fhalbh m' fhear-pòsda-sa as an taigh. Cha'n 'eil dùil agam ri sealladh dhe 'ghnùis fhaicinn gu brath tuilleadh. Cha'n 'eil slochd no cnochd, garbhlach no comhnard, allt no bòrd locha, nach do shiubhail sinn 'g a iarraidh, agus cha d' fhuair sinn a bheò no ''mharbh. Mur do shluig an talamh e, no mur do thog an t-adhar e, cha 'n 'eil fhios ciod a dh'éirich dha."

An ainm an àigh, a Mhàiri, sguir dhe d' bruidhinn 's leig a steach mi. Cha 'n e so àm gu bhith 'deanamh spòrs is feala-dha air duine bochd a th' air a shàrachadh idir. Tha uair aig an achmhasan is àm aig a' chéilidh."

Bhuail e anns a cheann aig Màiri gur e tathasg Dhòmhuill a bh' ann, agus chaidh i air chrith leis an eagal cho mòr 's nach b'urrainn i an dorus fhosgladh ged a bhiodh toil aice. Ach an uair a chual' i bhith breabadh an doruis, dh' aithnich i gu'm bu duine saoghalta 'bh' ann. Dh' fhosgail i an dorus, ach o 'n a bha 'n latha gun teannadh ri soilleireachadh, cha b'urrainn i a dheanamh am mach cò bh' ann.

Mu 'n do tharr i sealltainn uice no uaipe chaidh Dòmhull a steach. Leig e dheth an cliabh air bathais an ùrlair.

Ghrad las Màiri an crùisgean, agus ciod a b' iongantaiche

leatha na a fear-pòsda fhein fhaicinn beò, slàn m'a coinneamh 'na sheasamh air an ùrlar!

[ocr errors]

"Ach c'àite air an t-saoghal an robh thu o chionn bliadhna, 'Dhòmhuill?" ars' ise. Cha 'n 'eil e coltach gu'n robh sùim agad dhiomsa, no dhe 'n leanabh a bha fhios agad a bh' air mo ghiùlan, an uair a dh' fan thu fad bliadhna gun tighinn an còir an tàighe. Cha 'n 'eil fear eile 'san dùthaich a dheanadh a leithid. Cha robh thu fad' air falbh an uair a dh' fhàs mise tinn le anshocair chloinne."

"B' fhearr leam gu'n sguireadh tu dhe d' bhruidhinn gun dòigh. Am bheil thu 'n dùil gu'n creid mise bruidhinn dhe 'n t-seòrsa sin? B' fhearr dhuit gu mòr greasad air gréim bidh a dheasachadh dhomh. Ged a fhuair mi mo dheadh shuipear o na gillean còire beagan mu'n d' fhalbh mi gu tighinn dhachaidh, cha mhòr a th' air faighinn dheth an dràsta. So, so; greis ort agus faigh gréim bìdh deiseil a dh' itheas mi.”

Cha 'n 'eil thu agad fhein, a Dhòmhuill. fhios agad gu'm bheil latha 's bliadhna o 'n a Agus mur 'eil thu 'gam chreidsinn-sa, seall do shuas, agus chìu do mhac 'na chadal innte. dh'aois an diugh fhein."

Is math a tha dh' fhalbh thu. 'n leabaidh ud Tha e bliadhna

Eadar a h-uile connsachadh is comhradh a bh' aig Dòmhnull ris a' mhnaoi, cha d' thug e an aire gu'n d'thàinig atharrachadh mòr air a cumadh o 'n a dh' fhalbh e. An uair a sheall e ceart oirre ghrad thuig e gu'm feumadh gu'n robh e na b' fhaide air falbh na bha e 'n dùil. Gun fhacal a ràdh thog e leis an cruisgean bharr an stuib air an robh e 'n crochadh, agus chaidh e far an robh an leanabh 'na chadal 's an leabaidh. Bha aois bliadhna de mhac cho mòr 's cho tlachdar 's a chunnaic e riamh

'na chadal gu séimh, socrach anns an leabaidh. "Is e so mo mhac gun teagamh. Tha e cho coltach ri Alasdair mo bhràthair 's a tha ugh ri ugh," arsa Dòmhull gu beag ris fhein. Chrom e os a chionn agus thug e pòg dha.

Tha

Tha 'chùis coltach, a Mhàiri," arsa Dòmhnull, "gu'n robh mise ùine mhòr na b' fhaide air falbh na bha mi 'n dùil. 'n gnothach a th' ann a' cur mòran ioghnaidh orm. Innsidh mi dhut a h-uile car mar a thachair dhomh. Ràinig mi mu thràth suipearach a' bhothag. Agus an uair a ghabh sinn ar suipear 's a leig mi greis dhe m' anail, dh' fhalbh mi 's am buideal air mo mhuin anns a' chliabh. Air eagal gu'n tachradh duine sam bith rium an àm dhomh bhith tilleadh dhachaidh, chomhairlich Eoghann Mòr dhomh gabhail a h-uile ceum ri srath na h-aimhne duibhe gus an ruiginn gualann Beinn a' bhric, o 'n is

e rathad is uaigniche a th' eadar so 's an Gleann Mòr. An uair a bha mi falbh o 'n bhothaig 's an cliabh air mo mhuin, thug Eoghann Mòr dhomh luma làn na slige dhe 'n stuth bu treise a bh' aca anns a' bhothaig. Thuirt e, "Ol a h-uile deur dheth, 'Dhòmhuill. Is fheairrd thu fo d' aisnidh e. Bheir e misneach dhut gus a dhol ann an dàil Cailleach Beinn a' bhric, ma thachras i riut air an rathad."

[ocr errors]

'An uair a bha mi 'dol seachad air an t-sìthean a th' eadar an amhainn dubh agus a' bheinn, chuala mi 'n ceòl bu bhinne a chuala mo chluas riamh. Chunnaic mi dorus an t-sìthean fosgailte; stob mi an sgian anns an ursainn, agus chaidh mi steach. On a bha cabhag orm cha do leig mi dhiom an cliabh idir. Cha robh mi 'nam sheasamh ach fhad 's a bha na sìthichean a' deanamh aon ruidhle dannsa. Ar leam nach robh mi na b' fhaide ann na ceathramh na h-uarach. An uair a thàinig mi 'mach, bha 'n oidhche cho dorcha 's a bha i an uair a chaidh mi steach. Is iomadh uair a chuala mi nach fhairicheadh daoine an ùine 'dol seachd anns an t-sìthean, agus ged nach robh mi 'g a chreidsinn, tha e coltach gu'm bheil e fìor gu leòr."

66

Ach tha rud no dhà ann nach 'eil mi idir a' tuigsinn," arsa Dòmhull 's e cur a làimhe air 'fhalt 's air 'fheusaig. Tha fhios agad gu'm b' àbhaist dhomh a bhith 'bearradh m' fhuilt uair 'san dà mhios, agus a bhith toirt 'dhìom na feusaig uair 's an t-seachdain. Ach ma bha mi bliadhna air falbh mar a tha thus' ag ràdh, nach iongantach nach d' fhas m' fheusag is m' fhalt mar a b' àbhaist dhaibh. Agus a bharrachd air so, cha d' fhairich mi aon chuid sgios no acras no cadal fhad 's a bha mi anns an t-sìthean. Tha h-uile rud a th' ann a' cur anabharr ioghnaidh orm."

[ocr errors]

Biodh ioghnadh ort no na bitheadh is e an fhirinn a tha mise 'g innseadh dhut. Agus mur creid thu mise, cha 'n fhaod e bhith nach creid thu na coimhearsnaich. Gheibh mise fianuisean gu leòr a sheasas air mo thaobh."

[ocr errors]
[ocr errors]

Foghnaidh sid an dràsta," arsa Dòmhull. Greas thusa air a' bhiadh a dheanamh deiseil. Tha 'n t-acras gus mo tholladh. Cha 'n 'eil ioghnadh ann ma tha thu gun ghreim o chionn bliadhna. Cha bhi mise fada deasachadh bìdh dhut." Thug Dòmhull làmh air gimileid, agus tholl e am buideal uisge-bheatha, agus an uair a shuidh iad aig a' bhiadh dh'òl e fhein is Màiri air a chéile."

[ocr errors]

Air an latha sin fhein ghairmeadh na dlùth-chairdean agus na coimhearsnaich gu cuirm do thaigh Dhòmhuill, agus dh' oladh deur math dhe na bh' anns a' bhuideal mu 'n do dhealaich iad ri 'chéile.

Bha na Gàidheil a' creidsinn mar an ceudna gu'n robh eòin shìthe ann. B' iad so, a' chuthag, an treabhna, agus an clachairean. Bha iad a' gabhail beachd nach robh na h-eòin so ri 'm faicinn ach aig àm àraidh dhe 'n bhliadhna. Agus o nach robh fhios aca gu'n robh iad a' falbh as an dùthaich so, an uair a thigeadh am fuachd, agus a' dol do dhùthchannan fad as gus an tigeadh aimsir bhlàth na bliadhna, bha iad a' smaointean gur ann do na sìtheanan a bha iad a' dol. Cha mharbhadh iad a h-aon dhe na h-eòin so air son rud sam bith. Be an clachairean a' cheud aon a thigeadh dhiubh. Bha h-uile duine a' gabhail beachd sonraichte air an àite anns am faiceadh e a' cheud fhear dhiubh. Nam faicteadh e 'na sheasamh air talamh glas, co dhiubh a b'ann air garadh phloc no air comhnard lom, no nam faicteadh e an àite sam bith air iteig, bhiodh e 'na chomharradh do 'n neach a chitheadh e, gu'm biodh gach cùis gus a dhol leis gu math fad na bliadhna. Ach nam b'ann air cloich lùim a chitheadh duine e, bhiodh e 'na chomharradh nach biodh soirbheachadh aige fad na bliadhna.

B'i a' chuthag an ath aon a thigeadh. Cha bu toigh le neach sam bith a cluinntinn a' gairm an uair a bhiodh i air ùrthighinn, mu'n itheadh e biadh. Theirear "an greim cuthag" ris a' bheagan bìdh a bhios daoine 'gabhail gu math moch 's a' mhadainn gus an latha 'n diugh. Tha 'n rann a leanas a' dearbhadh dhuinn gu'n robh na nithean so air an làn-chreidsinn 's an àm a dh' fhalbh:

[ocr errors]

'Chuala mi 'chuthag 's gun am biadh 'nam bhroinn,
Chunnaic mi 'n clachairean air cloich luim,
Chunnaic mi 'n t-seilcheag air talamh-toll,
Chunnaic searrach seann làrach 's chùl rium,

'S dh'aithnich mi nach rachadh a' bhliadhna leam."

Bu ghlé thoigh le daoine an treabhna a chluinntinn; oir cha chluinnear a guth sgreagach gus am bi cinneas math air feur 's air fochann. Ach ged bu toigh leotha 'cluinntinn, cha bu toigh leotha idir a faicinn an taobh a staigh de dhorus taighe. Nam faicteadh an taobh a a staigh de dhorus taighe i, dh' fhaoidteadh bhith cinnteach gu'n tigeadh air muinntir an taighe an imrich a dheanamh mu'n tigeadh crìoch air a' bhliadhna.

O chionn àireamh mhòr bhiadhnachan thòisich daoine am bithdheantas ri bhith cur teagamh gu'n robh sìthichean is eòinshithe ann. Anns an àm so, cha 'n fhaighear ach gann duine ann an àite sam bith a chreideas gu'n robh iad riamh ann. Agus

cha 'n fhaighear duine idir a chreideas gu'm bheil iad ann a nis. Cha 'n 'eil duine an diugh beò a chunnaic no 'chuala riamh iad.

Cia mar a thàinig daoine gu bhith 'creidsinn nach 'eil 's nach robh sìthichean is eòin-shithe ann? Cia mar a dh' fhuadaicheadh na beachdan faoine so air falbh a measg an t-sluaigh? Dh' fhuadaicheadh iad le eòlas air nithean aimsireil agus spioradail. Ged a tha 'n soisgeul glé chumhachdach gu beachdan faoine agus cleachdaidhean amaideach fhuadachadh air falbh a cridheachan dhaoine, cha b' e 'na onar a dh' fhuadaich na sìthichean as ar dùthaich. Rinn an t-eòlas a fhuair daoine air cumhachdan agus air obair nàdair faisge air a cheart uiread a dh' fheum anns an dòigh so. Is minic a chunnaic sinn daoine aig an robh eòlas mòr air an t-soisgeul, agus a bha eadhoin 'nam fior chreidmhich, a bha aig a' cheart àm a' toirt tomhas de gheill do gheasalanachd agus do bheachdan faoine eile. Tha sinn, air

an aobhar sin a' creidsinn gu'n d'rinn na maighstirean-sgoile, cho math ris a' chléir, mòran a chum iomadh beachd faoin agus amaideach 'fhuadachadh á measg nan Gàidheal.

3rd FEBRUARY, 1898

Mr

The office-bearers for 1898 were elected at this meeting. James Fraser, C.E., chairman of the meeting, moved, and it was unanimously agreed to, to record the Society's deep regret at the death of Mr Alexander Mackenzie, publisher, Inverness, one of the Society's founders; and it was remitted to Mr Alex. Macbain, M.A., Mr William Mackay, honorary secretary, and Mr Duncan Mackintosh, secretary, to draw up a minute of condolence, and send a copy of same to the widow of the deceased. Thereafter the Secretary read a paper, contributed by Mr Chas. Fraser-Mackintosh, LL.D., entitled Minor Highland Families -No. XI.-The Baillies of Dunain." Dr Fraser-Mackintosh's paper was as follows:

[ocr errors]

MINOR HIGHLAND FAMILIES-No. XI.

THE BAILLIES OF DUNAIN.

This family, which terminated in 1869 upon the death of William Baillie, ran an honoured course in the neighbourhood of the burgh of Inverness, for upwards of four hundred years. With one exception, connected with the winning and leading

« 前へ次へ »