ページの画像
PDF
ePub

'N ciste nam bord air a ghlasadh, Chall o, etc.

'S ard a' ghrian air beanntaibh Uige, Chall o, etc.

'S a' ghealach air beinn a' smudain, Chall o, etc.

'S na feidh air leachdaich a' bhuiridh,
Chall o, etc.

Tha 'na chadal fear g' an dusgadh,
Chall o, etc.

'S an gunna breac air a chulaobh,
Chall o, etc.

An daga 's an adharc fhudair,
Chall o, etc.

Ge h-oil leam sin cha 'n e chiurr mi,
Chall o, etc.

Mo thriuir bhraithrean marbh gun dusgadh,
Chall o, etc.

'N fhuil a' reothadh air an culaobh,

Chall o, etc.

Bha mi fhin le m' bheul 'g a sughadh,
Chall o, etc.

Gus na rinn air m' anail tuchadh,
Chall o, etc.

Ge h-oil leam sin cha 'n e chiurr mi,
Chall o, etc.

Bhith 'n gaol air an fhear a ruisg mi,
Chall o, etc.

'Fianuis cruinneachadh na duthchadh,
Chall o, etc.

'S mi m' aonar air airidh 'n leachduinn, Chall o, etc.

'S mise a thug an ceannach
Air bainne nigh'n Domhnuill,
Hi ùrar ùbhi-ùo-ho-hi-ibho.

Cha 'n e mheud 's a dh'ith mi,
Dh' fhidir mi no dh'òl mi.

Challain éileadh hò hi ibho-ro-ho-le-adh,
Challain ùrar ùbhi hù-o-hò-hi-ibho,

E ho hi-ri-ri hoirionn ò-ho-le-adh.

Cha 'n e mheud 's a dh'ith mi,
Dh' fhidir mi no dh'òl mi,

Hi urar ubhi-uo, ho-hi-ibho.

No ro mheud mo shinead,
Ach mi mhilleadh m' oige.
Challain eileadh, etc.

Tha mo bhraiste briste,
Tha mo chrios 'na oirnean,

Hi urar ubhi-uo, ho-hi-ibho.
Mo ghruag anns na tollan,
Mo phlaide 'na sroicean.
Challain eileadh, etc.

O fhear de Chlann Mhuirich,
Mac Muire 'na thorachd,

Hi urar ubhi-uo, ho-hi-ibho.

Nam faicinn do bhirlinn

Fo 'h-eideadh a' seoladh.
Challain eileadh, etc.

Air m' fhalluing nam faiceadh,
Gu rachainn na codhail,

Hi urar ubhi-uo, ho-hi-ibho.

Gu'n deanainn mo ghearainn,
Ris an t-seobhag sheolta.
Challain eileadh, etc.

Bhiodh Raoghnull Mac Ailein,
Air toiseach mo thorachd,

Hi urar ubhi-uo, ho-hi-ibho.

Gu'm biodh ni nach b'ioghnadh Bhiodh Raoghnull Mac Dhomhnuill. Challain eileadh, etc.

Gu'm biodh ni gun tagradh-
Bhiodh dalta nan Leodach,

Hi urar ubhi-uo, ho-hi-ibho.
Gaol nam ban a Lathurn,
Aighear ban na Mor-thir.
Challain eileadh, etc.

Trom-cheist nam ban Ileach,
'S ann diubh Sile 's Seonaid,
Hi urar ubhi-uo, ho-hi-ibl:o.

Nam faicinn mo leannan
'Tighinn an coir na buaileadh.
Challain eileadh, etc.

Gu'm paisginn an cuman,
Gu'n lunnainn a' bhuarach,
Hi urar ubhi-uo, ho-hi-ibho.

Fear an aodainn shoilleir
Fo thaghadh na gruaige,
Challain eileadh, etc.

Gu'n aithnichean do bhuidheann

A' tighinn o'n mhointich,

Hi urar ubhi-uo, ho-hi-ibho.

Air ghilead an leintean
'S air dheirgead an cota.
Challain eileadh, etc.

Air ghuirmead an triubhais
'S air dhuibhead am brogan,
Hi urar ubhi-uo, ho-hi-ibho.
Air gheiread an iubhair
Fo uidheam an dorlaich.
Challain eileadh, etc.

Sgiath o bharr an iubhair
'S claidheamh caol de 'n t-seorsa,
Hi urar ubhi-uo, ho-hi-ibho.

Bhiodh pocaidean fudair

Trom dumhail air t'olaich.
Challain eileadh, etc.

Ach a Righ mo chuirre,

Chuir mi 'n luib nan Tuathach,
Hi urar ubhi-uo, ho-hi-ibho.

Iomlaid na bà dara

Chuir mo ghradh an gruaim rium.
Challain eileadh, etc.

Cho do rinn nigh'n Raoghnuill
An fhaoghlum bu dual di,

Hi urar ubhi-uo, ho-hi-ibho.
Cha d'thug i dhomh beannag,
Gu falach mo ghruaige.
Challain eileadh, etc.

Ach sguilein beag salach
De 'n anart bu shuaraich,

Hi urar ubhi-uo, ho-hi-ibho.

Eagal mi bhi nasgaidh,
O'n mhasl' ud a fhuair mi.
Challain eileadh, etc.

'S mise 'thug an ceannach
Air bainne nigh'n Domhnuill.
Hi urar, etc., etc.

Tha oran eile an so a rinn an Dall mor mac Neill Mhuilich, agus cuiridh mi e m'a choinneamh an orain a chuir mi sios mar tha:-"Do Alasdair Domhnullach, Bhalaidh ann an Uibhist a' Chinn-a-Tuath, air dha tighinn dhachaidh as an Taobh-Deas, far an robh e car uine air son a shlainte. Le Alasdair Domhnullach ris an cainte an Dall mor mac Neill Mhuilich."

Do bheatha dhachaidh o 'n chuan sgith,
Fhir Bhalaidh nan lann liomhaidh geur,
Fan lann sgaiteach claiseach cruaidh,
Seobhag na h-uasal''s mor speis.

Mo cheisd air ceannard an t-sluaigh,
Anns an ruaig a b'eutrom ceum,
'S leomhan guineach thu 'n robh spid—
Am beul firinneach gun bhreig.

'S iomadh banntrach air a gluin,

A ghuidh 'na h-urnuigh dhuit deagh sgeul,

Agus dilleachdan gun treoir

Leis 'm bu deonach dhol fo d' sgeith.

Rinn na leannachdan thu slan

Le toil 's le fabhar Mhic Dhe,

Ghairm na seobhaig anns a' chos,
"Theid am fasgadh oirnn gu leir,"

Do bheatha dhachaidh o'n chuan sgith.

Rann a rinneadh ann am Baile nan Cailleach, am Beinnebhaoghla, do Rob Domhnullach mac an t-Saoir, piobaire Raoghnuill oig Mhic 'ic Ailein, Tighearna Chlann Raoghnuill, le Alasdail (Dall) Domhnullach, ris an cainte Alasdair mor

Mhuilich

mac Neill

Oidhche dhomh 's mi ann am chadal,
Chuala mi sgal pioba moire,
Dh'eirich mi calamh a' m' sheasamh,
Dh'aithnich mi 'm fleasgach a bhual i.
Bha da leomhain orr' a' beadradh
Claidheamh is sleagh air an cruachain,
Bha fear dhiubh o 'n Chaisteal Tioran
Grunn de na dh'imich mu'n cuairt da.
Mac a Mhor-fhear a Dun-Tuilm,
Gu'n d'labhair sAilbhearr suairc,
Druidibh ri 'cheile 'Chlann Domhnuill,
Leanaibh a' choir mar bu dual duibh.
Rob Mac Dhomhnuill Bhain a Raineach,
Boineid is breacan an cuaich air
Bha suil leomhain 's i 'na aodan,
Coltas caonuaig 'dol 'san ruaig air.
Chluich e "corr-bheinn" air a' mhaighdinn
(Ceol a's caoimhneil' chaidh ri m' chluasan).
Nach iarr biadh, no deoch, no eideadh,
Ach aon leine chur mu'n cuairt dhi ;
Chluich e air maighdinn Chlann Raoghnuill,
Rob a leannan graidh 'g a pogadh,

Meal do mheodhair, meal do mheoirean;
Meal do chuimhne 's do gloir shiobhalt' ;
Meal do phiob-mhor, 's meal do Ghailig.
Do mhaighistir dh'fhag an rioghachd,
Jain Muideartach mor nam bratach ;
Raoghnull a mhac thogas ire,

'S coma leam co ghabhas anntlachd,
'Se Rob maighstir gach piobair',
Bha 'n urram greis an siol Leoid ac';
'Nuair 'bha 'n oinnseach aig na daoin' ud.
Bha i 'n sin aig Clann Mhic Artuir
Piobair sgairteach na caonnaig,
Tha i nis 's a' Chaisteal-Tioram,
'S ait leis an fhinne so 'faotainn,

Fhad 's a dh'fhanas Rob 'na bheo-shlaint'
Gleidhidh Clann Domhnuill an Fhraoich i.

« 前へ次へ »