ページの画像
PDF
ePub

OLD GAELIC SONGS WITH HISTORICAL NOTES AND TRADITIONS.

A Luchd-Comuinn mo Ruin,-Tha eagal orm gu bheil cuid dhibh nach bi ro thoilichte leis na briathran a leughar dhuibh a nochd. Ach faodaidh sibh mo chreidsinn an uair a their mi gu'n d'rinn mise mo dhichioll a chum gu'n cuirinn sios mo chuid fhein de na briathran-'s e sin, gearr-chunntas a thoirt dhuibh mu na h-orain—cho math, 's cho soilleir 's a b'urrainn domh. Labhraidh na h-orain air an son fhein. Tha iad mar a fhuair mise iad. Tha fhios agam gu bheil ceathrannan a dhith gach fir dhiubh ach a' cheud fhear, "Oran Fir Airidh 'Mhuillinn." Thug mi dhuibh na blaidhean an dochus gu faod aon de bhuill a' Chomuinn cuid de na ceathrannan a tha dhith orra fhaotainn uair no uair eiginn. Nam biodh duine ann a shireadh air an son is e mo bharail gu faighte iad anns an Eilean Fhada.

Tha ni eile a dhith oirnn nach b'urrainn mise fhaotainn, 's e sin, ainmean nan daoine a rinn na h-orain. Ach an rud nach gabh leasachadh feumar cur leis. Faodaidh e bhith gu faighear fhathast a mach co a sgriobh cuid diubh.

ORAN FIR AIRIDH MHUILLINN,

AN UIBHIST A' CHINN A DEAS ;

ATHAIR FIONNAGHAL DHOMNULLAICH A DH' FHALBH LEIS A' PHRIONNSA.

Slan iomradh do 'n mharcach

A chunnaic mi seachad an dé,

Mac ud Aonghais oig bheachdaidh,

Cha b' e 'n t-iomrall leam tachairt riut fhein;

Fear gun iomlas1 na aigneadh,

Bha gu siobhalta, staideil, an ceill;

Aig a' mheud 's a tha thlachd ort,

Cha d' fhuaras dhuit masladh no beum.

1" Fear gun iomlas," duine steidheil nach bi 'g atharrachadh inntinn tric "Fear a gheibh sinn far am fag sinne e." Cha chuimhne leam riamh am facal so a chluinntinn ann an comhradh. Is e theireamaid mu dhuine neosteidheil, a bhiodh an diugh a dh' aon bheachd, 's a maireach de bheachd eile, gur duine iomlan a bh' ann. Anns a' Bhiobull tha 'm facal iomlan, a' ciallachadh coimhlionta; ach, mar a dh'ainmich mi, tha e gus an la 'n diugh anns an Eilean Fhada, co dhiubh, a' ciallachadh, caochlaideach.

Slan o chunnart sud dhasan,

Cha teid duine 'ga aicheadh nach fior,
O'n 's i 'n fhirinn a b' fhearr leat-

'S i so 'n acuinn a ghnathaich thu riamh ;
Mheud's a fhuair mi dhe d' choiread,

Ann an comain an eolais nach b' fhiach;
Ni mi 'n uiread s' ad chomhnadh,

Fhad 's is urrainn do m' chota ga dhiol.

Geibhte sud am beul feasgair,

Ann ad' fhardaich-sa beadradh is muirn,
Buird mhora 'g an leagadh,

Is an uirneis bu deis' as an cionn ;
Bhiodh na deochannan brasa,

Ga'm brosnachadh seachad air thùs;
Anns na cupannan breaca,

'S fir oga 'gan aiseag gu dluth.

Gheibhte sud ann a d' fhardaich

Ceol fidhl' agus danns 'cur leis,
Taigh nan uinneagan claraidh,

Far am faigheadh na h-anraidhean1 meas;
Dhomhsa b' fhurasda radha ;

Gu'm b'e sud mo cheol-gaire car greis,
Cha bhiodh cuideachd mar dhaimh ort,
Bhiodh tu fhein 'na d' cheol-gaire 'na measg.

'S mor do bhiuthas2 aig Gallaibh,

'N nair a bhiodh iad air allaban cian n;

Meud do mhuirn 'na do bhaile,

'S cha bu chuirt leat bhith malairt am bidh ;

'S tric a thug thu uait deannal,

Fhir nach sgrubail a shealladh am prib,3

'S mò do dhuil ann an onair

Na bonn dhe 'bhith 'd sporran 'ga dhiol.

1 "Anraidhean," 's e sin coigrich a thigeadh fliuch, fuar, sgith, acrach, a dh' ionnsuidh an taighe.

2" Bhiuthas," 's e sin, deagh ainm a chluinnear fada is farsuinn.

34 Prib," 's e sin, fiachan. Is minic a chuala mi fear ag radh gu robh e togail "pribidean fhiach."

S iomadh sruthan de 'n fhion-fhuil

A ta ruith ann an sioladh do bhall ;
Sliochd ud Raoghaill mhoir phriseil,

Nach do dh'fhoghlum bhith miothur no gann,
Agus deagh Mac Illeathain

'S gun a theaghlach ri fhaigheil an drasd',
Cur le cheil ann an cruadail,

'S tric a bhuinnig iad buaidh anns na blair.

Da chraoibh anns a' gharadh,

Cha 'n ionnan cur fais dhaibh nan dith's,
Craobh a shiolaich 's a dh'fhasas,

Craobh a thuiteas le cramh is le aois;

'S ionnan sud 's mar a ta sinn,

Nis o 'n phaigh sinn na mail ud cho daor,
Tha ar n-urra cho laidir,

'S gu'n cuir e 'na aite gun chlaoidh.

Ged nach 'eil fhios agam air ainm agus sleinneadh na té a rinn an t-oran a leanas, tha fhios agam gu'm bu Bhan-Uidhisteach i. Chuala mi o chionn iomadh bliadhna iomaradh oirre, ach o'n a chaidh an t-iomradh so as mo chuimhne ann an tomhas mor, 's fhearr leam gun diog a radh mu h-eachdraidh aig an àm so.

B' ann an aite eiginn mu Dhunbeagain, 's an Eilean Sgiathanach, a bha i an uair a rinn i e. Cha 'n aithne dhomhsa c'aite am bheil "airidh 'n aisig," ach 's ann o "airidh 'n aisig," no mar a chuala mi uair is uair, "rudha 'n aisig," a bhiodh na bataichean a' seoladh as an Eilean Sgiathanach gu ruige Uidhist mu Thuath. B'e so 66 tir a' mhurain."

1.66

ORAN LUAIDH.

'S mi m' aonar air airidh 'n aisig,
Snidh' air mo rasgaibh a' dortadh.

Ho-rionn, hò-rionn, hò-rionn, hò-rionn,
Hò-gaidh, ò, na hò-ro, hù-o.

'S nach fhaic mi bata no currach,
O thir a' mhurain a' seoladh.

Ho-rionn, etc.

Tighinn o dhuthaich nam fear-fialaidh ;
'S lionar biadhtach ann is poitear.

Ho-rionn, etc.

'Biadhtach," 's e sin, am fear a bhiodh a' riarachadh an uisge-bheatha.

Mo ghaol, mo chomhdhalta priseil,
Fear finealt' a labhradh eolach.
Ho-rionn, etc.

Beul a's cinntich' o'n tig furain,
'S nach tigeadh air iomas1 comhraidh.
Ho-rionn, etc.

An àm cruinneachaidh na sgire,
B' ursann dhidein taigh a' mhoid thu.
Ho-rionn, etc.

'N àm suidh' aig earradh a' bhuideil,
Cha bu sgrubair 's an taigh-osd' thu.
Ho-rionn, etc.

Bhiodh gach fear a' suidhe laimh ruit ;
'S tusa 'phaigheadh, cach a dh' oladh.
Ho-rionn, etc.

'S beag ioghnaidh leam sin a thachairt,
'S nach e 'm breac a bh'air an lon thu.
Ho-rionn, etc.

Fiuran a uisge na frith' thu,
'S lionar tir am bi do throgmhail.2
Ho-rionn, etc.

H-uile taobh d' an dean thu tionndadh,
Air do dhubladh an Clann Domhnuill.
Ho-rionn, etc.

'S càr thu 'Mhac Raonaill 'ic Ailein
A bha againn air a' Mhorthir.
Ho-rionn, etc.

'S càr thu 'Mhac Iain 'ic Sheumais,
Lamh bu treun an deigh na torachd.
Ho-rionn, etc.

'S car thu 'Mhac Iain o'n Iuraich
Ged a ruisgeadh anns a' choir e.
Ho-rionn, etc.

1 "Iomas," 's e sin, ni mi-iomchuidh sam bith.

2'S lionar tir am bi do throgmhail," tha so a' ciallachadh gu robh e air cheann cogaidh ann an iomadh tir.

'S mur a can mi breug, a rithist
'S cairdeach thu 'Thighearna Chnoideart.
Ho-rionn, etc.

Giamanach gunna na sradaig
Bheireadh stad air damh na croice.
Ho-rionn, etc.

'S aotrom a dh'fhalbhas an t-sailetheach1
'S tric a shealg thu i na h-onar.
Ho-rionn, etc.

Cha mhinic a chinnich fiadhach
Le fear gun mhial-chu, gun storas.
Ho-rionn, etc.

Tha e air aithris gur ann mar so a rinneadh an t-oran a leanas : Bha duine ann aon uair a rinn cionta a bha toillteannach air a' bhas. An uair a chaidh a dhitheadh thuirteadh ris gu faigheadh leis a bheatha nan deanadh e oran anns nach biodh aon fhacal firinn. Cha chuimhne leam a chluinntinn co mheud ceathramh a dh'fheumadh a bith anns an oran. Tha fhios agam gur gann a

tha cuimhne agam air an dara leth dheth. Gu mi-fhortanach dha fhein, chuir an duine bochd aon fhacal firinn anns ann oran, agus air tailleamh an fhacail so chaill e 'bheatha. Cha'n 'eil air chuimhne agam de 'n cheathramh anns an robh am facal firinn so ach an da sreath

"A' chuthag is gu-gug aice
'S i toirt nan sul a caoraich."

Tha e fior gu'm bi "gu-gùg," aig a' chuthaig ged nach 'eil e fior gu'n toir i na suilean as na caoraich.

AN T-ORAN.

SEISD-Tha cumha 'n deigh do ghaoil orm
Tha mulad mor as d'aonais,

Tha cumha 'n deigh do ghaoil orm.

Fhuair mi nead na liath-chirce,

Air barr na tuinne fiadhaich ;

Bha 'n ron glas a' dol do 'n iarmailt,
Agus cliabh air bac a ghaoirdean.
Tha cumha, etc.

1 "Sailetheach," a hind.

« 前へ次へ »