OLD GAELIC SONGS WITH HISTORICAL NOTES AND TRADITIONS. A Luchd-Comuinn mo Ruin,-Tha eagal orm gu bheil cuid dhibh nach bi ro thoilichte leis na briathran a leughar dhuibh a nochd. Ach faodaidh sibh mo chreidsinn an uair a their mi gu'n d'rinn mise mo dhichioll a chum gu'n cuirinn sios mo chuid fhein de na briathran-'s e sin, gearr-chunntas a thoirt dhuibh mu na h-orain—cho math, 's cho soilleir 's a b'urrainn domh. Labhraidh na h-orain air an son fhein. Tha iad mar a fhuair mise iad. Tha fhios agam gu bheil ceathrannan a dhith gach fir dhiubh ach a' cheud fhear, "Oran Fir Airidh 'Mhuillinn." Thug mi dhuibh na blaidhean an dochus gu faod aon de bhuill a' Chomuinn cuid de na ceathrannan a tha dhith orra fhaotainn uair no uair eiginn. Nam biodh duine ann a shireadh air an son is e mo bharail gu faighte iad anns an Eilean Fhada. Tha ni eile a dhith oirnn nach b'urrainn mise fhaotainn, 's e sin, ainmean nan daoine a rinn na h-orain. Ach an rud nach gabh leasachadh feumar cur leis. Faodaidh e bhith gu faighear fhathast a mach co a sgriobh cuid diubh. ORAN FIR AIRIDH MHUILLINN, AN UIBHIST A' CHINN A DEAS ; ATHAIR FIONNAGHAL DHOMNULLAICH A DH' FHALBH LEIS A' PHRIONNSA. Slan iomradh do 'n mharcach A chunnaic mi seachad an dé, Mac ud Aonghais oig bheachdaidh, Cha b' e 'n t-iomrall leam tachairt riut fhein; Fear gun iomlas1 na aigneadh, Bha gu siobhalta, staideil, an ceill; Aig a' mheud 's a tha thlachd ort, Cha d' fhuaras dhuit masladh no beum. 1" Fear gun iomlas," duine steidheil nach bi 'g atharrachadh inntinn tric "Fear a gheibh sinn far am fag sinne e." Cha chuimhne leam riamh am facal so a chluinntinn ann an comhradh. Is e theireamaid mu dhuine neosteidheil, a bhiodh an diugh a dh' aon bheachd, 's a maireach de bheachd eile, gur duine iomlan a bh' ann. Anns a' Bhiobull tha 'm facal iomlan, a' ciallachadh coimhlionta; ach, mar a dh'ainmich mi, tha e gus an la 'n diugh anns an Eilean Fhada, co dhiubh, a' ciallachadh, caochlaideach. Slan o chunnart sud dhasan, Cha teid duine 'ga aicheadh nach fior, 'S i so 'n acuinn a ghnathaich thu riamh ; Ann an comain an eolais nach b' fhiach; Fhad 's is urrainn do m' chota ga dhiol. Geibhte sud am beul feasgair, Ann ad' fhardaich-sa beadradh is muirn, Is an uirneis bu deis' as an cionn ; Ga'm brosnachadh seachad air thùs; 'S fir oga 'gan aiseag gu dluth. Gheibhte sud ann a d' fhardaich Ceol fidhl' agus danns 'cur leis, Far am faigheadh na h-anraidhean1 meas; Gu'm b'e sud mo cheol-gaire car greis, 'S mor do bhiuthas2 aig Gallaibh, 'N nair a bhiodh iad air allaban cian n; Meud do mhuirn 'na do bhaile, 'S cha bu chuirt leat bhith malairt am bidh ; 'S tric a thug thu uait deannal, Fhir nach sgrubail a shealladh am prib,3 'S mò do dhuil ann an onair Na bonn dhe 'bhith 'd sporran 'ga dhiol. 1 "Anraidhean," 's e sin coigrich a thigeadh fliuch, fuar, sgith, acrach, a dh' ionnsuidh an taighe. 2" Bhiuthas," 's e sin, deagh ainm a chluinnear fada is farsuinn. 34 Prib," 's e sin, fiachan. Is minic a chuala mi fear ag radh gu robh e togail "pribidean fhiach." S iomadh sruthan de 'n fhion-fhuil A ta ruith ann an sioladh do bhall ; Nach do dh'fhoghlum bhith miothur no gann, 'S gun a theaghlach ri fhaigheil an drasd', 'S tric a bhuinnig iad buaidh anns na blair. Da chraoibh anns a' gharadh, Cha 'n ionnan cur fais dhaibh nan dith's, Craobh a thuiteas le cramh is le aois; 'S ionnan sud 's mar a ta sinn, Nis o 'n phaigh sinn na mail ud cho daor, 'S gu'n cuir e 'na aite gun chlaoidh. Ged nach 'eil fhios agam air ainm agus sleinneadh na té a rinn an t-oran a leanas, tha fhios agam gu'm bu Bhan-Uidhisteach i. Chuala mi o chionn iomadh bliadhna iomaradh oirre, ach o'n a chaidh an t-iomradh so as mo chuimhne ann an tomhas mor, 's fhearr leam gun diog a radh mu h-eachdraidh aig an àm so. B' ann an aite eiginn mu Dhunbeagain, 's an Eilean Sgiathanach, a bha i an uair a rinn i e. Cha 'n aithne dhomhsa c'aite am bheil "airidh 'n aisig," ach 's ann o "airidh 'n aisig," no mar a chuala mi uair is uair, "rudha 'n aisig," a bhiodh na bataichean a' seoladh as an Eilean Sgiathanach gu ruige Uidhist mu Thuath. B'e so 66 tir a' mhurain." 1.66 ORAN LUAIDH. 'S mi m' aonar air airidh 'n aisig, Ho-rionn, hò-rionn, hò-rionn, hò-rionn, 'S nach fhaic mi bata no currach, Ho-rionn, etc. Tighinn o dhuthaich nam fear-fialaidh ; Ho-rionn, etc. 'Biadhtach," 's e sin, am fear a bhiodh a' riarachadh an uisge-bheatha. Mo ghaol, mo chomhdhalta priseil, Beul a's cinntich' o'n tig furain, An àm cruinneachaidh na sgire, 'N àm suidh' aig earradh a' bhuideil, Bhiodh gach fear a' suidhe laimh ruit ; 'S beag ioghnaidh leam sin a thachairt, Fiuran a uisge na frith' thu, H-uile taobh d' an dean thu tionndadh, 'S càr thu 'Mhac Raonaill 'ic Ailein 'S càr thu 'Mhac Iain 'ic Sheumais, 'S car thu 'Mhac Iain o'n Iuraich 1 "Iomas," 's e sin, ni mi-iomchuidh sam bith. 2'S lionar tir am bi do throgmhail," tha so a' ciallachadh gu robh e air cheann cogaidh ann an iomadh tir. 'S mur a can mi breug, a rithist Giamanach gunna na sradaig 'S aotrom a dh'fhalbhas an t-sailetheach1 Cha mhinic a chinnich fiadhach Tha e air aithris gur ann mar so a rinneadh an t-oran a leanas : Bha duine ann aon uair a rinn cionta a bha toillteannach air a' bhas. An uair a chaidh a dhitheadh thuirteadh ris gu faigheadh leis a bheatha nan deanadh e oran anns nach biodh aon fhacal firinn. Cha chuimhne leam a chluinntinn co mheud ceathramh a dh'fheumadh a bith anns an oran. Tha fhios agam gur gann a tha cuimhne agam air an dara leth dheth. Gu mi-fhortanach dha fhein, chuir an duine bochd aon fhacal firinn anns ann oran, agus air tailleamh an fhacail so chaill e 'bheatha. Cha'n 'eil air chuimhne agam de 'n cheathramh anns an robh am facal firinn so ach an da sreath "A' chuthag is gu-gug aice Tha e fior gu'm bi "gu-gùg," aig a' chuthaig ged nach 'eil e fior gu'n toir i na suilean as na caoraich. AN T-ORAN. SEISD-Tha cumha 'n deigh do ghaoil orm Tha cumha 'n deigh do ghaoil orm. Fhuair mi nead na liath-chirce, Air barr na tuinne fiadhaich ; Bha 'n ron glas a' dol do 'n iarmailt, 1 "Sailetheach," a hind. |