OF THE GAELIC SOCIETY OF INVERNESS. VOLUME XV. 1888-89. Clann nan Gaidheal an Guaillean a Cheile. PRINTED FOR THE GAELIC SOCIETY OF INVERNESS, AT THE NORTHERN CHRONICLE OFFICE; AND BOLD BY JOHN NOBLE, WILLIAM MACKAY, AND A. & W. MACKENZIE, BOOKSELLERS, INVERNESS. 1890. COMUNN GAILIG INBHIR-NIS. CO-SHUIDHEACHADH. 1. 'S e ainm a' Chomuinn "COMUNN GAILIG INBHIR-NIS." 2. 'S e tha an rùn a' Chomuinn :--Na buill a dheanamh iomlan 's a' Ghailig; cinneas Canaine, Bardachd, agus Ciuil na Gaidhealtachd ; Bardachd, Seanachas, Sgeulachd, Leabhraichean agus Sgriobhanna 's a' chanain sin a thearnadh o dhearmad ; Leabhar-lann a chur suas ann am baile Inbhir-Nis de leabhraichibh agus sgriobhannaibh-ann an canain sam bith-a bhuineas do Chaileachd, Ionnsachadh, Eachdraidheachd agus Sheanachasaibh nan Gaidheal no do thairbhe na Gaidhealtachd; còir agus cliu nan Gaidheal a dhion; agus na Gaidheil a shoirbheachadh a ghna ge b'e ait' am bi iad. 3. 'S iad a bhitheas 'nam buill, cuideachd a tha gabhail suim do runtaibh a' Chomuinn; agus so mar gheibh iad a staigh:— Tairgidh aon bhall an t-iarradair, daingnichidh ball eile an tairgse, agus, aig an ath choinneimh, ma roghnaicheas a' mhor-chuid le crannchur, nithear ball dhith-se no dheth-san cho luath 's a phaidhear an comh-thoirt; cuirear crainn le ponair dhubh agus gheal, ach, gu so bhi dligheach, feumadh tri buill dheug an crann a chur. Feudaidh an Comunn Urram Cheannardan a thoirt do urrad 'us seachd daoine cliuiteach. 4. Paidhidh Ball Urramach, 'sa' bhliadhna. £0 10 6 Foghlainte Agus ni Ball-beatha aon chomh-thoirt de. 050 0 1 0 7 7 0 5. 'S a' cheud-mhios, gach bliadhna, roghnaichear, le crainn, Co-chomhairle a riaghlas gnothuichean a' Chomuinn, 's e sin-aon |